- TIOTAL
- Sràid a' Bhanca, Am Ploc
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_086_1332
- ÀITE
- Am Ploc
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- Highland Council Planning Department
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 13844
- KEYWORDS
- baile
turasachd
taigheadas

Tha an rathad air taobh dheis an deilbh camara a' dol gu Sràid an Aoghais anns A' Phloc. Ach, tha na taighean san dealbh air Sràid a' Bhanca, sreath de thaighean le uinneagan-mullaich air leth tarraingeach bhon 19mh linn air cladach Loch Carrann. Tha leòidean Creag nan Garadh air cùl an deilbh. 'S e àite-seallaidh thar A' Phluic air a bheil daoine measail a th' ann.
'S e baile air a dhealbhadh a chaidh a chur a-mach dha Iarla Shìophort bho thùs ann an 1794 a th' anns A' Phloc agus chaidh a leasachadh le Uilleam Cuimein dhan ath uachdaran, Sir Ùisdean Aonghais ann an 1801 gus buannachd fhaighinn às an t-suidheachadh fasgach air cladach Loch Carrann agus gnìomhachas soirbheachail an sgadain aig an àm. Bha e cuideachd a' toirt dachaighean dhan luchd-gabhaltais a chaidh fhuadach à àiteachan eile air Oighreachd Loch Aillse.
'S e aon de na cinn-uidhe shaor-làithean air taobh an iar-thuath na Gàidhealtachd as motha air a bheil daoine measail a th' anns A' Phloc agus 's e baile glèdhteachais Urras Nàiseanta na h-Alba a th' ann.