- TIOTAL
- Taigh-solais Rubha Robhanais
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_01_125_0235
- ÀITE
- Rubha Robhanais
- SGÌRE
- Leòdhas
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Barbhas
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14222
- KEYWORDS
- taighean-solais
còmhdhail
sàbhailteachd
loingeas

Chaidh Taigh-solais Rubha Robhanais ann an Eilean Leòdhais a thogail le Daibhidh Stevenson ann an 1862. Aig an àm seo bha na rathaidean ann an Leòdhas cho dona is gun robh aca ris na stuthan togail a thoirt a-staigh air bàtaichean. Tha an tùr a tha de bhreigeachan dearga 37 meatairean a dh'àirde agus tha ruige 40 cilemeatair aig an t-solas. Tha e cuideachd na stèisean-stiùiridh airson nan taighean-solais fèin-obrachail anns na h-Eileanan Flannach, Rònaigh agus Sùla Sgeir agus na stèisean-stiùiridh rèidio airson Sgìre a' Chuan Sgìth a Tuath.Tha an solas air a bhith fèin-obrachail bhon Mhàirt 1998 agus tha e air a stiùireadh le Bòrd Taighean-solais a' Chinn a Tuath bho Dhùn Èideann