- TIOTAL
- Ionad Sgithidh a' Mhonaidh Ruaidh
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_02_007_0159
- ÀITE
- Am Monadh Ruadh
- SGÌRE
- Bàideanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn
- DEIT
- Sultain 1973
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14280
- KEYWORDS
- sgitheadh
spòrs
spòrs a' gheamhraidh
ionadan-turasachd
beanntan
sgithean

Thòisich obair air togail ionad-sgithidh a' Mhonaidh Ruaidh anns na 1960an agus is e an dàrna ionad-sgithidh as motha ann an Alba. Tha a' mhòr-chuid den sgitheadh a' dol air adhart air Coire Cas. Bha na geamhraidhean sna 1980an gu math freagarrach airson sgitheadh agus chleachd na mìltean an ionad-sgithidh, ach chuir ceistean a thaobh na h-àrainneachd stad air leudachadh. Leis nach robh sneachd gu leòr ann sna 1990an agus sna 2000an, tha àireamhan luchd-sgithidh air tuiteam agus tha seo air ceistean a thogail mu sheasmhachd an ionaid-sgithidh.
Anns na 1990an bha a' mhòr-chuid den bhun-structar air fàs aosta agus nas dorra a chumail a' dol. Ged a bha a' mhòr-chuid de na slaodan-sgithidh gu bhith air an cumail, mhol Companaidh Liofta-togail a' Mhonaidh Ruaidh gun rachadh Rèile-beinne a chur an àite na prìomh liofta-togail. Is e moladh connspaideach a bha seo agus chuir buidhnean àrainneachd na aghaidh. Chaidh co-rèiteachadh a dhèanamh ge-tà agus chaidh Rèile-beinne a' Mhonaidh Ruaidh a thogail.
A chionn 's nach eil uiread de shneachd air a bhith ann anns na geamhraidhean bho chionn goirid agus a chionn 's gu bheil àireamh an luchd-sgithidh air ìsleachadh, tha daoine a' tighinn aig amannan eile den bliadhna air fàs nas cudromaiche. Tha tòrr a' tighinn gus na seallaidhean fhaicinn air an rèile-beinne (ged nach fhaod iad a dhol air a' bheinn fhèin bhon ionad luchd-turais aig mullach na loidhne) agus gus na lusan beinne fhaicinn a tha a' fàs anns a' Mhonadh Ruadh