- TIOTAL
- Taighean-còmhnaidh beag, Inbhir Garadh
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_03_027_0674
- ÀITE
- Inbhir Garadh
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14597
- KEYWORDS
- taigh-còmhnaidh beag
baile

B' e àite tàmh dha dròbhairean agus àite stad a bh' ann an Inbhir Garadh bho thùs agus tha e an-diugh suidhichte aig snaim-rathad an A82, far a bheil drochaid àrd a chaidh a thogail ann an 1932 a' dol thairis air Abhainn Gharadh, agus far a bheil an A87 a' dol chun an iar gu Caol Loch Aillse. Tha a' chuid mhòr den bhaile an-duigh suidhichte air an rathad mu dheireadh seo agus far a bheil na taighean-còmhnaidh beaga tarraingeach seo agus Eaglais Paraiste Ghleanna Garadh.
Bho tràth anns an 17mh linn b' ann le MacDhòmhnaill Ghleanna Garadh a bha an sgìre. Bha iad a' fuireach ann an Caisteal Ghleanna Garadh gus an deach an oighreachd a cheannach leis an teaghlach Ellice ann am meadhan na 19mh linn. Thog iadsan Taigh Ghleanna Garadh, Taigh-òsta Caisteal Ghleanna Garadh an-diugh, faisg air tobhta a' Chaisteil tùsail a' coimhead thar Loch Omhaich.