- TIOTAL
- 'Tràigh a' Bhìgeil', Eige
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_03_052_0267
- ÀITE
- Eige
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14679
- KEYWORDS
- eileanan
tràighean
gainmheach
geòlas

Chan eil ach aon fhear de na h-Eileanan Beaga nas motha na Eilean Eige a tha mu 7 mìle an iar air a' mhòrthìr. Tha dearbhadh ann gu robh sluagh air an eilean rè Linn an Umha agus Linn an Iarainn. Bha Cruithnich a' fuireach ann agus bha na Lochlannaich ga chleachadh mar ionad malairt ri Èirinn. Bha an t-eilean an uairsin fo smachd nan Dòmhnallach. Chaidh a' mhòr-chuid de shluagh an eilein a mharbhadh ann an Uaimh an Lèir-sgrios anns an t-16mh linn ri linn falachd eadar na Dòmhnallaich is na Leòdaich.
Tha Tràigh a' Bhìgeil faisg air Clèadail a' faighinn ainm on bhìgeil a nì a' ghainmheach èiteig nuair a choisichear oirre 's i tioram