- TIOTAL
- A' chala ann an Caol Loch Aillse, 1976
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_04_008_0829
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- DEIT
- 1 Ògmhios 1976
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14817
- KEYWORDS
- cidheachan
calaidhean
stèiseanan rèile
aiseagan

Seadhadh dhen chladach ann an Caol Loch Aillse anns na 1980an. Chithear aiseag a' tighinn tarsainn à Caol Àcain san Eilean Sgitheanach.
Tha an stèisean, faisg air ceann cidhe an rèile, dìreach ri fhaicinn air cùlaibh an stoc gluasadach' Chaidh an ceann-uidhe fhosgladh ann an Caol Loch Aillse ann an 1897 agus on a bha an stèisean faisg air a' chala bha seo a' ciallachadh gun robh e daonnan trang. Chaidh an stèisean fhèin a thogail le Murchadh MacPhàdraig, agus thathas a' faighinn thuige bhon bhaile air rathad fada air rampaichean.
Bha an cidhe cuideachd air a chleachdadh le bàtaichean-iasgaich agus bha e na stad riaghailteach airson bàtaichean-smùide air slighe a' chosta an iar à Glaschu chun na h-Eileanan an Iar. Bha a' cheàrnaidh seo, le cidhe a bharrachd, cuideachd na bhun-stèidh airson gnìomhachas an sgadain, le a thogalaichean taice giollachd èisg agus àite-còmhnaidh dhan luchd-obrach gluasadach.
Aig àm an Dàrna Cogaidh bha e air a chleachdadh leis na seirbheisean armailteach airson a bhith a' gluasad uidheam-gunnaireachd agus luchd-seirbheis. Bha uisge domhainn a dh'fheumaist airson soithichean ann an Loch Aillse, agus bha an rèile ga dhèanamh furasta ruighinn air a' chòrr den dùthaich. Chaidh Caol Loch Aillse ainmeachadh HMS Trelawney aig an àm agus b' ann às an seo a bha cur sìos mhèinnean dha cabhlach Bhreatainn air fad air a dhèanamh, Tha a' Chabhlach Rìoghail fhathast an seo le BUTEC (British Underwater Test and Evaluation Centre) a tha a' ruith deuchainnean spaileart agus sonar anns na caolasan domhainn mun cuairt An Eilean Sgitheanach agus Ratharsair.