- TIOTAL
- H. MacPhàil, Baile nan Granndach
- EXTERNAL ID
- HC_PLANNING_04_015_0028
- ÀITE
- Baile nan Granndach
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
- DEIT
- 29 Ògmhios 1976
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- T. Kenneth MacKenzie
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 14910
- KEYWORDS
- bùthan

H Ma Phàil, Peantair agus Glainneadair. Tha doras na bùtha a' sealltainn cuid de obair glainne sgeadaichte.
Chaidh Baile nan Granndach a stèidheachadh mar thuineachadh dealbhaichte le Sir Seumas Grannd, an t-uachdaran ionadail, ann an 1765. Tha e suidhichte ri taobh Abhainn Spè aig iomall a tuath beanntan a' Mhonaidh Ruaidh agus aig an àm a chaidh a stèidheachadh, bha e a' faighinn deagh sheirbheis bho dhà rathad armailteach. B' e Baile nan Granndach a bh' air bho thùs an dèidh Sir Seumas Grannd ach chaidh 'air Spè' a chuir ris sa Bheurla aig deireadh nan 1890an.
Aig aon àm, bha dà rèile a' ruighinn Baile nan Granndach agus thug seo togail dha gnìomhachas agus turasachd sa bhaile. Ged a tha an dà loidhne a-nis air dùnadh, tha mòran fhathast measail air a' bhaile mar cheann-uidhe luchd-turais. Tha ceann-uidhe Rèile Smùide Srath Spè an-dràsta aig Stèisean Bhroomhill, mu thrì mìile gu deas air Baile nan Granndach. Thathas an dòchas san àm ri teachd gun urrainn dhan loidhne a bhith air a leudachadh a-rithist gu Baile nan Granndach