Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2019
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Àird Rois
EXTERNAL ID
HC_PLANNING_08_015_1118
ÀITE
Àrd Rois
SGÌRE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
DEIT
12 Cèitean 1982
LINN
1980an
CREATOR (AV)
T. Kenneth MacKenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
15788
KEYWORDS
caistealan
togalaichean
oighreachdan
ionadan-còmhnaidh
dachaighean
Ardross Castle

Tha Caisteal Àird Rois 8km (5 mìle) an iar-thuath air Alanais ann an srath Abharain. Chaidh an caisteal ath-dhealbhachadh le Alasdair Ros do Shir Alasdair MacMhathain ann an 1880-81. Chaidh a thogail le clach-ghainmhich ruadh Tharbhdail ann an stoidhle Baranach na h-Alba, agus chuireadh 30 seòmar ris an taigh a bh’ ann bho thùs.

Rugadh MacMhathain (1805-86) ann an Atadal, ann an Siorrachd Rois. Bha com-pàirteachas aige sa chompanaidh Jardine MacMhathain, a’ chompanaidh a cho-stèidhich uncail, Seumas MacMhathain, agus a bha a’ malairt teatha agus opium. Bha banca malairt aige cuideachd aig an robh meuran anns na h-Innseachan agus ann an Sìona. Thill e a dh’Alba ann an 1839 is e air fortan nach bu bheag a thasgadh, agus cheannaich e Oighreachd Àird Rois anns an robh 60,000 acaire airson £90,000.

Reic Sir Coinneach MacMhathain, mac Shir Alasdair, an oighreachd ann an 1898 ri C. W. Dyson Perrins (1864-1958). Bha e na chaiptean ann an Saighdearan-coise Aotrom na Gàidhealtachd agus bha e cuideachd an sàs ann an Companaidh Rìoghail Phorsalain Worcester is ann an Lee & Perrins (sabhs Worcester). Lean Perrins air a’ nuadhachadh a’ chaisteil agus chuir e dealan ann. Cuideachd, rinn e an oighreachd na bu mhotha agus thog e an Loidse an Ear.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Àird Rois

ROS: Ros Cuithne

1980an

caistealan; togalaichean; oighreachdan; ionadan-còmhnaidh; dachaighean

Roinn Dealbhaidh Chomhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council Planning Dept