- TIOTAL
- An Niorsa Flòraidh Fhearghasdain, 1926
- EXTERNAL ID
- HLH_DEWAR100_031
- DEIT
- 1926
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Highland Archive Centre
- AITHNEACHADH MAOINE
- 1690
- KEYWORDS
- Comataidh Sheirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean
Aithisg Dheòirich
Comataidh Dheòirich

Leig seo le barrachd air 100 Nursaichean na Banrigh, uile air an clàradh, a bhith air am fastadh - nursaichean a bha ag obair an lùib nan Dotairean Coitcheann agus a bheireadh seachad nursadh coitcheann, taic do mhàthraichean ùra agus foghlam slàinte. A bharrachd air sin chaidh airgead a chur gu leasachadh taighean nan nursaichean agus gu cosgais nam baidhsagal, baidhsagal-motair agus càraichean.
Chaidh ST 4143 a cheannach le Comann Nursaidh Sgìre Srath Fharragaig san Lùnastal 1926, le tabhartas o Sheirbhis Mheidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean. B' e Nursa Fhearghasdain a' chiad nursa sgiìreil a bha ""motoraichte"" ann an Siorrachd Inbhir Nis; roimhe sin bhiodh i air chois, air baidhsagal no ann an carbad air fhastadh ach an ruigeadh i na h-euslaintich aice.
Tha an t-ìomhaigh seo mar phàirt de thaisbeanadh air loidhne a' comharradh ceud bliadhna Chomataidh Seirbheisean Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus glè thrice thathas a' toirt iomradh air mar Chomataidh Dheòirich an dèidh a chathraiche Sir Iain Deòir BP. Chuir aithisg a' Chomataidh air dòigh an t-slighe airson a' chiad seirbheis slàinte air an t-saoghal, Seirbheis Meidigeach na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinn cruth-atharrachadh air solar meidigeach agus a tha air a mheasadh mar ro-theachdaire Seirbheis Nàiseanta na Slàinte.
Cliog
> an seo airson a dhol gu toiseach an taisbeanaidh.