Ùrachadh mu Dheireadh 20/05/2019
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba PS Glengarry
EXTERNAL ID
PC_CAMERON_SHEA_04
NEACH-FIOSRACHAIDH
Diana Cameron-Shea
AITHNEACHADH MAOINE
22032
KEYWORDS
bàtaichean-pleadhaig
Crew of the PS Glengarry

Dealbh camara de sgioba an PS Gleangarry. 'S e Ùisdean Camshron an duine-uasal leis an fheusag a tha na shuidhe sa mheadhan.

A' tòiseachadh ann an 1847, bha an Edinburgh Castle (air a h-ath-ainmeachadh Glengarry' a' seòladh sìos agus suas na 66 mìle de Canàl a' Chaledonian bho Thaigh-òsta Bhaibhidh, faisg air A' Ghearastan, tro Chanàl a' Chaledonian a' ceangal Loch Lòchaidh, Loch Omhaich agus Loch Nis gu Dabhach Ghairbheach, beagan a deas air Inbhir Nis. Chaidh a togail ann an 1844 agus chaidh a reic ri ìompaireachd loingeis Mhgran J & G Burns ann an 1846.

Air 13 An Gearran 1851 reic Mgran Burns an cabhlach de shoithichean smùide Taobh Siar na Gàidhealachd ri pàirteachas de Daibhidh Hutcheson, a bha air a bhith gan stiùireadh airson ùine, a bhràthair Alasdair, agus mac peathar Mhgran Burns, Daibhidh Mac a' Bhruthainn. Bha an cabhlach air a dhèanamh suas de ochd bàtaichean-smùide pleadhaig mara, agus dà bhàta ceum air Canàl a' Chrìonain.

Bha an t-slighe eadar Bainbhidh gu Inbhir Nis cho soirbheachail agus gun deach an dàrna soitheach, an Gondolier a thoirt a-steach ann an 1866, a bha air a dealbhachadh gu sònraichte airson a bhith ag obair a-mach agus a-steach à geataichean a' chanàl. Anns na 1870an chaidh an Edinburgh Castle a leudachadh, chaidh dà sailiùn a thoirt dhith agus ainm ùr - Glengarry. Chùm an t-suim de luchd-siubhail, bathar agus post air slighe Bhainbhidh gu Inbhir Nis air a' dol am meud agus dh'fheumaist an treas soitheach a thoirt a-steach ann an 1877. Bho 1895 bha an Glengarry air a cur air slighe a' phuist air Loch Nis eadar Cille Chuimein agus Inbhir Nis far an do dh'fhuirich i gus an do rinn i an turas mu dheireadh air 29 An Dàmhair 1927 agus chaidh a briseadh suas trì mìosan an dèidh sin. Aig 83 b' i an t-soitheach smùide a b' aosta air an t-saoghal.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture