- TIOTAL
- O mhuir gu muir (5 de 19)
- EXTERNAL ID
- HC_STS_FROMSEATOSEA_05
- DEIT
- 2001
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Bob Pegg & Willie Batchen
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comhairle na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 2402
- KEYWORDS
- slighean-uisge
slighe-uisge
bàtaichean-pleadhanach
Caledonian Mac a' Bhruthainn
claistinneach
Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.
'S e Uilleam Batchen à Foithir neach eile a bha mion-eòlach air an t-Slighe-uisge na òige. O aois ceithir bliadhn' deug, chuir e seachad trì bliadhna mar sgalag-chidsin air a' 'Ghondolier', math dh'fhaodte am bàta bu mhotha air an robh meas dhe na sheòl riamh air na slighean-uisge. Tha deagh chuimhne aige fhathast air a' bheatha air bòrd, agus air na caractaran ris an do thachair e.
''Tha cuimhn' agam a bhith tighinn an seo - 's gann gun robh mi trì, agus mar sin tha mi smaointinn gun urrainn dhomh a ràdh gum buin mi dhan àite, agus chaidh mi do bhun-sgoil na sgìre mar a rinn a h-uile neach eile. Agus dh'fhalbh mi air oidhche h-Aoine agus thill mi dhachaigh an seo, agus bha h-uile rud mar a b' àbhaist. Agus oidhche Shathairne aig naoi uairean, stad bus Mhic a' Bhruthainn, agus thàinig am fear a bha seo - Murchadh Stiùbhart a b' ainm dha - agus esan na phrìomh stiùbhard air a' Ghondolier. Agus stad e agus thàinig e suas a' cheum, agus dh'inns e dha m' athair 's mo mhàthair gun robh obair aige dhomh air a' 'Ghondolier' mar sgalag-chidsin. Agus smaoinich m' athair agus mo mhàthair sa mhionaid gun robh seo anabarrach math. Thuirt e 'Gheibh thu coig tasdain deug gach seachdain'. Thuirt mo mhàthair, 'Bidh tuarastal nas fheàrr agad na th' aig d' athair, agus do chuid'. Mar sin, chaidh m' athair suas chun na sgoile a bhruidhinn ris a' mhaighstir-sgoile, feuch am b' urrainn dha mo thoirt às an sgoil ro shaor-làithean an t-samhraidh, agus sin a rinn e. Tha mi dhen bheachd gun robh am maighstir-sgoile toilichte gu leòr leigeil leam falbh co-dhiù. Mar sin, dh'fhalbh mi Didòmhnaich agus chaidh mi air a' 'Ghondolier', agus tha mi smaointinn gun robh cliù sònraichte aig a' Ghondolier' seach bàta sam bith de chabhlach Mhic a' Bhruthainn a chitheadh tu air an t-slighe-uisge