- TIOTAL
- Cèis a' sealltainn diofar phìosan de phìob-mhòr
- EXTERNAL ID
- AB_ACHILTIBUIE_001
- ÀITE
- Neo-iomchaidh
- DEIT
- 2006
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Achiltibuie Piping School
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Achiltibuie Piping School
- AITHNEACHADH MAOINE
- 250
- KEYWORDS
- pìoban-sèididh
pìobaire
pìobairean

Tha an tiotal : 'Examples of Highland Bagpipe Manufacturing Kindly Loaned by W Sinclair & Son, Bagpipe Makers, Leith, Edinburgh', air a' chèis san dealbh seo. 'S iad na pìosan a tha air an taisbeanadh:
1. Pìos geàrrte de dh'fhiodh dubh Afraganach a' shealltainnn an deit (2010); Airson tolladh agus a' chiad tionndadh
2. Pìos geàrrte (earrann meadhain de Dhos Mòr); An dèidh a' chiad tholladh agus a' chiad thiionndadh
3. Roinn-tarsainn de phìos meadhain Dos Mòr; A' sealltainn dealbhachadh tollaidh crìochnaichte agus còmhdaichean ìbhri brèige
4. Leth ìosal de Dhos Bheag; a' sealltainn dealbhachadh cir crìochnaichte agus còmhdaichean ìbhri brèige
5. Eisimpleirean de Chòmhdaichean Ìbhri Fìor gan tionndadh
6 Eisimpleirean de Chòmhdaichean Ìbhri Brèige gan tionndadh
Tha pìob-mhòr Gàidhealach air a dèanamh suas de bhalg leathair còmhdaichte (màla) agus tha pìob-shèididh, feadan, dos mòr agus dà dhos beag air an cur a-steach don sin. Tha na pìoban sin air an dèanamh à fiodh air a thionndadh air beairt-thuairnearachd. 'S e Fiodh-dubh Afraganach as cumanta a thathas a' cleachdadh ann a bhith a' dèanamh pìoban-mòra an-diugh, oir thathas den bheachd gu bheil e math airson an dà chuid tòna agus stèidhealachd. Roimhe seo, bha iomadh seòrsa fiodh air an cleachdadh agus tha feadhainn de na seann phìoban-mòra as fheàrr air an dèanamh de chocus no ebonaidh.
'S e fiodh olach, meadhanach donn a tha a' fàs nas duirche tro ùine a th' ann am fiodh-dubh. Tha am fiodh air a thiormachadh airson dhà no trì bhliadhnaichean airson leigeil leis an taiseachd a th' ann bunailteachadh. Mar as trice, tha e a' ruighinn luchd dèanamh phìoban-mòra mar bhata 2x2 oirlich mu 18 oirlich a dh'fhad. Feumaidh iad sin a bhith air an dèanamh nan siolandairean an toiseach, agus feumaidh toll dearbhaidh a bhith air a tholladh tron taobh fhada. An uair sin tha a' chiad cumadh garbh ga dhèanamh agus tha an earrann air a tolladh a rèir 's dè am pìos den phìob-mhòr a bhios ann. Tha na pìosan fiodha as fheàrr air an cleachdadh airson feadain. Nuair a tha na pìosan air an dèanamh rèidh, air an cèireadh agus air an lìomhadh, tha tuill nam meòir agus an fhuaim air an drileadh, tha na h-earrannan air an cainbeadh agus air an cuir ri chèile agus tha an ribheid air a cur ann.
Gu traidsieanta tha cupannan nam pìiosan a tha a' stobadh a-mach air a bhith air an dèanamh de dh'adhairc, feòdar, airgead no ìbhri. An-diugh tha ìbhri fìor doirbh fasighinn ach chaidh ìbhri brèige a leasachadh bho ròiseid dhathte, nach eil a' searg no a' sgàineadh. Chan ann dìreach airson sgeadachadh a tha na cupannan sin ach tha iad a' cur stad air an fhiodh bho bhith a' sgoltadh.