- TIOTAL
- Chuir iad mise
- EXTERNAL ID
- PC_CHRISTINASTEWART_BAIRNSKIST_09
- DEIT
- 2007
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- unknown/traditional
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Cairistiona Stiùbhart
- AITHNEACHADH MAOINE
- 2519
- KEYWORDS
- clann
seinn
ceòl
clàradh-fuaim
òrain-ghnìomh
rannan
Albannach
leanabachd
tàladh
tàlaidhean
Tha an t-òran ri fhaighinn air an CD ' Bairn's Kist' le Cairistiona Stiùbhart, air a bheil cruinneachadh de dh'òrain tradaiseanta Albannach air an taghadh gus inbhich a bhrosnachadh gu bhith a' seinn, a' cluichd agus a' cleasachd ri cloinn òga. Rinn Cairistiona a bhuineas do dh' Inbhir Nis, rannsachadh air òrain tradaiseanta mar phàirt de a ceum on oilthaigh. Tha i a-nis ag obair le buidhnean de gach aois, a' seinn agus a' teagasg òrain tradaiseanta.
Chuar iad mise eilean leam fhin (x3)
Eliean mara, fada bho thir
Fada, fada, fada bho thir (x3)
Eliean mara, fada bho thir
Seo e air eadar-theangachadh anns a' Bheurla:
They left me on an island, all by myself (x3)
A sea island, far from land
Far, Far, far from land (x3)
A sea island, far from land
Bithidh gach neach ann an cearcall agus greim aca air làmhan a chèile, timcheall air aon leanabh deònach agus a phàrant. Crùb sìos ìseal agus cleachd do ghàirdeanan, ag atharrais air stuadhan beaga mun eilean. Seinn a' chiad rann ann an guth beag. Seasaidh na th' anns a' chearcall agus cleachdaidh iad an gàirdeanan, ag atharrais air stuadhan mòra a' briseadh air an eilean, agus seinnidh iad an dara rann gu fuaimneach. Dèan a-rithist e on toiseach, le neach mu seach a' faighinn cothrom suidhe anns an "eilean".