- TIOTAL
- Nuair dh'eirich Grian na Fìreantachd
- EXTERNAL ID
- PC_FJM_DUAN_NOLLAIG_01_07
- DEIT
- 2007
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- John Maclean (words)/ traditional (music)
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Fiona J NicCoinnich
- AITHNEACHADH MAOINE
- 2574
- KEYWORDS
- claistinneach
Nuair dh'eirich Grian na Fìreantachd.
'S ann o 'Duan Nollaig', CD dùbailte air a dhèanamh le Caidreabh Màiri Mhòr nan Òran, airson Comhairle na Gàidhealtachd, ann an co-obrach le Greentrax Recordings, a tha am pìos clàr-claistinneach seo. 'S e an CD seo a' chiad chruinneachadh a chaidh a dheanamh a-riamh de dhuain Nollaige do dhaoine de dh'aois sam bith.
Rinn Fiona J NicCoinnich, an tè a bha roimhe (2002-09) na Caidriche Òrain Màiri Mhòir, clàradh a CD, a' freagairt iarrtas mòr airson stuth na Nollaig sa Ghàidhlig. Am measg nan 35 pìos de cheòl, tha laoidhean traidiseanta ann, òrain traidiseanta Gàidhlig, Òrain Nollaig Ùra Gàidhlig, agus òrain do dhaoine òga agus do luchd-ionsachaidh na Gàidhlig.
Chaidh Obair an Òranaiche a stèidheachadh ann an 2002 gus ùidh ann an òrain Ghàidhlig a bhrosnachadh agus gus goireas a thoirt do dhaoine a bha ag iarraidh fiosrachaidh mu chàil sam bith ceangailte ri òrain Ghàidhlig.
'S e banaltram à Sgèabost an Eilein Sgitheanaich a bh' ann am Màiri Mhòr nan Òran (Màiri Nic a' Phearsain.) Rinn i tòrr òran an dèidh aois 50 anns a bheil òrain-mrich, òrain-mholaidh agus òrain shuigeartach a bharrachd air òrain a thog gearan mun dòigh san deach dèiligeadh ris na Gaidheil.