- TIOTAL
- Locomotives dìosail ann an Taigh-cruinn Inbhir Nis, 1960
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_763
- ÀITE
- Inbhir Nis
- DEIT
- 14 Lùnastal 1960
- LINN
- 1960an
- CRUTHADAIR
- AT H Edwards
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27472
- KEYWORDS
- Rèile na Gàidhealtachd
HR

Taigh-cruinn Inbhir Nis le Clas 24 'Type 2' dìosailean, shuntair dìosail 06 agus 'Black 5' no dhà a bha le LMS roimhe.
'S e seada einnsein air a chuir a-mach mar bhogha leis a h-uile loidhne a' dol gu clàr-tionndaidh sa mheadhan a th' ann an taigh-cruinn. 'S deagh eisimpleir a bh' ann an Inbhir Nis le 31 stàile.
Fon dà chuid LMS agus BR b' e na Stanier 'Black 5s' na prìomh thrèanaichean seirbheis air loidhnichean na Gàidhealtachd. Le crìonadh smùid bha an obair seo air a ghabhail thairis le na 'Type 2s' agus an dèidh sin b' e 'Clas 24' agus 'Clas 26 a bh' orra. Chaidh an shuntair Clas 06 a thogail gu sònraichte le BR airson roinn na h-Alba.
Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.