- TIOTAL
- Locomotivesa smùide san Taigh-cruinn ann an Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_773
- ÀITE
- Inbhir Nis
- DEIT
- 15 Ògmhios 1960
- LINN
- 1960an
- CRUTHADAIR
- H C Casserley 96952
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27481
- KEYWORDS
- Rèile na Gàidhealtachd
HR
einnsean smùide
CR

Diofar locomotives ann an taigh-cruinn Inbhir Nis nam measg 'Black 5s' 0-4-4T a bha le CR roimhe an an HR Àir. 103 'Big Goods air a h-ath-nuadhachadh.
Fon dà chuid LMS agus BR b' e na Stanier 'Black 5s' na prìomh thrèanaichean seirbheis air loidhnichean na Gàidhealtachd. Chaidh HR Àir. 103 a dhèanamh suas as ùr ann an 1959 agus bha i air a cleachdadh airson trèanaichean sònraichte a tharraing, gu h-àraidh airson a' phrògram T.Bh. 'Railway Roundabout' agus airson subhachas Ceud Bliadhna HR. Chaidh i an uair sin ann an "cluaineas" agus aig an àm a chaidh seo a sgrìobhadh (2009) tha i air a taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.
Dh'fhosgail Rèile Inbhir Nis & Inbhir Narainn stèisean ann an Inbhir Nis an toiseach air 7 An t-Samhain 1855 agus dh'fhàs e gu bhith na ionad rèile na Gàidhealtachd le slighean a' dol gu deas gu Peairt agus nas fhaide; an ear gu Obar Dheathain, an iar gu Caol Loch Aillse agus gu tuath gu Inbhir Ùige. Tha e fhathast fosgailte.