- TIOTAL
- Drochaid-rèile faisg air Coille Chneagaidh
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_868
- ÀITE
- Coille Chnagaidh
- SGÌRE
- A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt; Garbhchrìochan Pheairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT: Blàr Athall
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27570
- KEYWORDS
- stèisean rathaid-iarainn
stèiseanan rèile
Seo sealladh den drochaid-rèile faisg air Coille Chneagaidh. Chaidh an drochaid a thogail ann an 1863 leis an innleadair Eòsaph Mitchell airson Rathad-iarainn Inverness and Perth Junction. Tha an rathad-iarainn a' dol seachad air taobh an iar bealach Choille Chneagaidh.
Chosg e £5720 agus tha 10 boghachan ann agus tùr caistealach aig gach ceann. Tha an drochaid 155.5 meatair a dh'fhaid (510 troigh) agus 16.5 meatair (54 troigh) a dh'àirde aig a' phuing as àirde. Tha gach bogha 10.6 meatair (35 troigh) a dh'fhaid. Chaidh inbhe togalach clàraite a thoirt dhi (Ìre B) ann an 1971 agus chaidh tòrr mòr obair càraidh a dhèanamh oirre aig deireadh nan 1990an.