- TIOTAL
- Stèisean Chinn a' Ghiùthsaich
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_904_AT
- ÀITE
- Cinn a' Ghiùthsaich
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Andrew Taylor
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27602
- KEYWORDS
- stèiseanan
stèiseanan rathad-iarainn

Chaidh Stèisean Chinn a' Ghiùthsaich fhosgladh ann an 1863 le Rèile Gobhal Inbhir Nis & Pheairt agus chaidh ath-thogail a dhèanamh air le Rèile na Gàidhealtachd ann an 1891.
Tha an t-ainm Cinn a' Ghiuthsaich a' tighinn às a' Ghàidhlig. Aig aon àm b' e prìomh bhaile Bhàideanach a bh' ann agus e na chlachan cuairtichte le coille ghiuthais. Ann an 1799, cho-dhùin an Diùc Gòrdan gun robh feum aig an sgìre air baile agus chaidh planaichean a dhealbhadh.
Dh'fhàs am baile a bha air a phlanadh gu slaodach gus an deach a chur air a' phrìomh rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt agus An Gearasdan le drochaid a' dol thairis air Abhainn Spè agus Abhainn Lagain aig toiseach an 19mh linn. B' e putadh eile a bh' ann dhan bhaile fàs nuair a chaidh tuathanaich on taobh a-muigh a ghluasad a Chinn a' Ghiuthsaich gus rùm a dhèanamh airson chaorach.
Dh'fhosgail an rathad-iarainn, a bha a' toirt a-steach barrachd luchd-turais ann an 1863 agus dh'fhosgail raon-goilf le 18 toll ann an 1890.
Tha Cinn a' Ghiuthsaich gu dlùth ceangailte ri iomain agus chaidh Comann a' Chamanachd a stèidheachadh anns a' bhaile ann an 1893. Chaidh sgioba iomain Chinn a' Ghiuthsaich a-steach don Guinness Book of Records mar an sgioba a bu shoirbheachaile ann an spòrs sam bith