- TIOTAL
- Stèisean Phort an t-Sròim, 1933
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_1287
- ÀITE
- Port an t-Sròim
- SGÌRE
- Taobh an Iat Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- DEIT
- 1933
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27918
- KEYWORDS
- stèiseanan rèile
Port an t-Sròim

Sealladh de Stèisean Phort an t-Sròim ann an 1933.
B' e Port an t-Sròim an ceann-uidhe tùsail airson Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilean Sgitheanaich a dh'fhosgail ann an 1870. Bha an loidhne air a h-obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iad thairis gu h-oifigeil e san Lùnasdal 1880. Bha seirbheisean aiseig aig an ruith às gu diofar chinn-uidhe sa Ghàidhealtachd agus na h-eileanan. An tòiseach bha na h-aiseagan air an ruith le Rèile Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain, an uar sin Rèile na Gàidhealtachd agus mu dheireadh le Daibhidh Mac a' Bhruthainn.
Chaidh an loidhne a' leudachadh gu Caol Loch Aillse san t-Samhain 1897. Anns na 1960 chaidh an litreachadh atharrachadh gu Port an t-Sròim. Tha seirbheis riaghailteach luchd-siubhail fhathast a' frithealadh Port an t-Sròim ged a chaidh a dhùnadh do thrafaig bathair san Ògmhios 1964. Chaidh frith-loidhne a thogail airson a' gharradh togail airson crainn-ola ann an Loch Ciseorn a chaidh fhosgladh ann an 1975. Dhùin am frith-loidhne ann am meadhan nan 1980an.