- TIOTAL
- 55053 air treana o Dhòrnach aig A' Mhùnd, Ògmhios 1956
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_1338
- ÀITE
- A' Mhùnd
- SGÌRE
- Dòrnach agus Craoich
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Dòrnach
- DEIT
- 20 Ògmhios 1956
- LINN
- 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27962
- KEYWORDS
- stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana

San dealbh-chamara seo chithear 55053, air treana o Dhòrnach, aig A' Mhùnd san Ògmhios 1956.
Bha 55053 na einnsean den t-seòrsa 'Passenger Tank Class' 0-4-4 aig Rèile na Gàidhealtachd a chaidh a thogail ann an 1905. B' e HR 45 a bh' air an toiseach agus chaidh a tharraing à seirbheis ann an 1957.
Dh'fhosgail an Rèile Chatach a loidhne eadar Drochaid a' Bhanna agus Goillspidh an 13mh den Ghiblean 1868, agus b' e a' Mhùnd fear de na stèiseanan air. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd agus ghabh iadsan a-steach e ann an 1884. Fhuair an stèisean ainm bho chnoc àrd faisg air làimh, air an do rinn Tòmas Telford obair einnseanairidh ann an 1817 airson bruaich an rathaid a dhèanamh. B' e a' Mhùnd cuideachd ceann-loidhne aig Rèile Aotrom Dhòrnaich, a dh'fhosgail gu ruig Dòrnach san Iuchar 1902. Dhùin e do sheirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus do threanaichean bathair san Fhaoilleach 1964. Chaidh bothag nan comharraidhean a leagail.