- TIOTAL
- HR7 ann a' Bhatan
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_1414
- ÀITE
- Bhatan
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Bhatan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28023
- KEYWORDS
- stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana

San dealbh-chamara seo chithear HR7 ann a' Bhatan.
Chaidh an t-einnsean-treana seo a thogail airson Rèile Ghobhlach Inbhir Nis & Obar Dheathain le Hawthorn de dh'Inbhir Lite san Lùnastal 1858. Bha e na phàirt den chlas 'Seafield' a chaidh a dheilbh le Alasdair Ailean. B' e 'Fife' a' chiad ainm a bh' air agus bha na cuibhlichean air an càradh 2-4-0.
Chaidh a chur a-null do Rèile na Gàidhealtachd, a bha ùr-stèidhichte, ann an 1865. Thog iadsan às-ùr e sa Chèitean 1875 mar 4-4-0 le soileandairean na bu mhotha agus an t-ainm ùr 'Dingwall' air. Chaidh a tharraing à seirbheis agus a reic ann an 1893.
Chaidh stèisean Bhatain fhosgladh le Rèile Chataibh is Ghallaibh san Iuchar 1874. Bha dà àrd-ùrlar agus lùb dol-seachad ann agus dà bhogsa-chomharra, a chaidh an leagail a-rithist. Chaidh Bhatan a dhùnadh gu seirbheisean luchd-siubhail san Ògmhios 1960 agus gu trafaig bathair sa Chèitean 1964.