- TIOTAL
- HR 1 'Ben-y-Gloe' air trèana faisg air Peairt, An Lùnastal 1912
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_TRAINS_001_056
- ÀITE
- Peairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- DEIT
- 1 Lùnastal 1912
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28112
- KEYWORDS
- locomotaibhean
trèanaichean

HR 1 'Ben-y-Gloe' air trèana faisg air Peairt san Lùnastal 1912. 'S e an 4.10 f à Peairt a dh' Inbhir Nis a th' anns an t-seirbheis.
Chaidh HR 1 a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Dübs & Co ann an Glaschu ann an 1898. B' e ball den chlas locomtaibhean air a bheil an t-ainm 'Small Bens'a -nis a bh' innte. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14397 a bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gur an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1949. Dh'fhàg i an ionad-obrach leis an t-ainm 'Ben Nevis' ach ach b' fhada gus an deach seo atharrachadh. Rè a beatha bha a h-ainm cuideachd air a litreachadh 'Ben y-Gloe' agus 'Ben y'Gloe'.