- TIOTAL
- Bàgh a' Phluic
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_076
- ÀITE
- Am Ploc
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28932
- KEYWORDS
- am ploc

Chaidh baile a' Phluic a stèidheachadh ann an 1794 le Còirneal Frang Humberston MacCoinnich Shìophoirt, aig an robh seilbh air oighreachd Loch Aillse aig an àm. Chaidh am plana a leudachadh ann an 1801, nuair a chaidh an oighreachd a reic ri Sir Ùisdean MacAonghais. Sholaraich esan dachaighean dha cuid den luchd-gabhail aige a bha air am fuadach, agus an uair sin bhuannaich iad am prìomh theachd-a-steach à iasgach agus togail shoithichean, oir cha robh mòran talmhainn ann airson àiteach. Tha Sruth a' Chamais a' toirt aimsir chiùin dhan àite agus tha am baile aithnichte air na craobhan pailme a tha a' fàs ris a' chladach, cho math ris an t-suidheachadh a tha fìor mhaiseach