- TIOTAL
- Loch Nis bho Dhubhras
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_228
- ÀITE
- Loch Nis
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Dubhras
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29070
- KEYWORDS
- cnuic is beanntan
lochan

Dealbh-camara de Loch Nis air a thogail an Dubhras. Tha mol Dhubhrais aig ceann an ear-thuath Loch Nis, ann an nàbachas baile beag Dhubhrais. Tha am mol na chladach mholagan beaga le coille giuthais ga chuartachadh aig aon cheann. Tha mòran luchd-coiseachd agus luchd-siubhail a' tadhal air Mol Dhubhrais agus na coilltean mun cuairt air.
Thathas air a bhith a' cumail na Fèis Rock Ness ann am baile Dhubhrais glè fhaisg air, fèis mhòr chiùil a tha a' cur prìomhachas air còmhlain ciùil.eileagtronaigeach.
'S e Loch Nis an loch fìor-uisge as motha ann am Breatainn aig 39 km a dh'fhaid agus 132m a dhoimhne. Tha ceathrad abhainn agus sruth a' sruthadh a-steach ann agus tha e a' sruthadh dhan mhuir tro Chanàl a' Chaledonian agus Abhainn Nis. Tha e air sgàineadh taobh-ghluasadach a tha fhathast beo.
Ann an clach-eòlas, tha sgàinidhrean taobh-ghluasadach air an adhbharrachadh le brùthadh còmhard agus tha iad a leigeil an lùth ma sgaoil le bhith a' cur creagan às an àite ann an slighe chomhnard.