- TIOTAL
- Lios Inbhir Iùbh
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_231
- ÀITE
- Inbhir Iùbh
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29073
- KEYWORDS
- Lios Inbhir Iùbh
Poll Iùbh
Fir Chlis
Sruth a' Chamais

Tha Lios Inbhir Iùbh nan lios luibheach ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Tha iad dìreach tuath air Poll Iùbh ann an Ros an Iar.
Chaidh an lios a chruthachadh ann an 1862 le Osgood Mackenzie air an oighreachd mun cuairt air Taigh nam Pluc Àrd. Tha e a' còmhdach aon 20 heactair (50 acair) 's a' toirt a-steach còrr is 2500 seòrsa de luibhean cian-annasach. Bho 1952 's ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha an lios air a bhith.
Tha gnàth-shìde cuimseach blàth aig Poll Iùbh airson an domhan-leud air a bheil e, taing do Shruth a' Chamais. Tha Sruth a' Chamais a' dèanamh gnàth-shìde cha mhòr fo-thropaigeach air uairean; cha b' urrainn Lios Inbhir Iùbh a bhith ann às aonais. Ged as àbhaist dhan gheamhradh ann am Poll Iùbh a bhith fuar agus fliuch, leis gu bheil e ri taobh na mara, cha bhi e a' faighinn ach latha no dhà de shneachd sa bhliadhna. Air uairean chithear na Fir Chlis, a rèir 's mar a tha an t-sìde 's dè an t-àm dhen bhliadhna a th' ann, ged as e an geamhradh as fheàrr air son am faicinn