- TIOTAL
- Loch Ma-Ruibhe bhon Iar
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_234
- ÀITE
- Loch Ma-Ruibhe
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29076
- KEYWORDS
- Loch Ma-Ruibhe

'S e Loch Ma-Ruibhe loch ann an Ros agus Cromba ann an iar thuath Gàidhealtachd na h-Alba. Tha e 20 cilemeatair a dh'fhaid agus 4 cilemeatairean a leud far as leatha e, agus 's e an ceathramh loch fìor-uisge as motha ann an Alba. 'S e 28.6 cilemeatairean ceàrnagach (11.0 mìle ceàrnagach) am farsaingeachd uachdair aige.
Tha còig eileanan mòra fo choille ann an Loch Ma-Ruibhe agus còrr is 25 eileanan nas lugha. Tha mainearach caibeil air Eilean Ma-Ruibhe, 's thathar a' creidsinn gur e seo dìthreabh on t-7mh linn leis an Naomh Maol Rubha. Air an aon eilean tha badan daraich agus cuilinn a th' air a bhith air an co-cheangal ri seann draoidhean na h-Alba. Bhathar a' cumail a-mach cuideachd gun robh leigheas ann an uisgeachan an locha, 's gun robh a bhith air do chur fon uisge na leigheas airson euslaint-inntinn. Tha eileanan an locha gu lèir nan sgìre glèidhteachais