- TIOTAL
- Taigh-solais Scalpaigh
- EXTERNAL ID
- PC_PRISCUS_WCS6391
- ÀITE
- Scalpaigh
- SGÌRE
- Na Hearadh
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na Hearadh
- LINN
- 1890an
- CRUTHADAIR
- George Washington Wilson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Mark Butterworth - Priscus
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29625
- KEYWORDS
- lochan
An Tairbeart
eileanan
taighean solais
maraichean
Na Hearadh
clòimh
clò
gnìomhachas
spàl

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
Tha eilean Scalpaigh, le taigh-solais a tha a' stiùireadh nam maraichean, a' toirt fasgaidh do Loch an Ear an Tairbeirt bho ghaothan an ear-thuath.
Anns na Hearadh tha iad air leth faiceallach le mar a tha iad a' cruinneachadh na clòimhe, agus 's fhada bho bha a' phàirt seo dhen eilean co-cheangailte ris an t-seòrsa clò a tha iad a' dèanamh ann. Tha a h-uile h-ìre den ghnìomhachas air a dhèanamh air fad anns na dachaighean agus cluinnear fuaim an spàil 's a leithid sna bothain thruagha, dhorcha aca a h-uile là