- TIOTAL
- Buidheann, agus Banrigh, Hiort
- EXTERNAL ID
- PC_PRISCUS_WCS6419
- ÀITE
- Hiort
- SGÌRE
- Na Hearadh
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Na Hearadh
- LINN
- 1890an
- CRUTHADAIR
- George Washington Wilson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Mark Butterworth - Priscus
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29649
- KEYWORDS
- banrighrean
boireannaich
eileanan
stiomairean

Chaidh an dealbh seo a thogail leis an fhear-chamara Albannach Seòras Washington Wilson (1823-93) agus chaidh an dealbh a chleachdadh nuair a dhèanadh e òraidean air eachdraidh Alba. Tha an tuairisgeul seo air a thogail bho na notaichean òraide sgrìobhte le Washington Wilson fhèin.
Chan eil Hiort gun bhanrigh, agus 's i an tè as brèagha air an eilean, rud a chaidh a ràdh an toiseach le duine-uasal a bha a' tadhal air an eilean iomadh bliadhna air ais agus a chuir seachad grùnn mhìosan am measg nan daoine an sin is dùil aige gun atharraicheadh e a dhòighean. Tha fios againn gun tug i spèis dha, agus a h-uile turas a thig an stiomair, bidh i a' gabhail naidheachd an fhir neo-dhìleas. Bhiodh esan, ge-tà, agus grùnn dhaoine eile, a cheart cho math Hiort a sheachnadh a chionn 's gu bheil dòigh chudromach aig muinntir an eilein air cho mì-thoilichte 's a tha iad mu mhì-mhodh dhuine a dhearbhadh