- TIOTAL
- Rathad Mòr, Druim na Drochaid
- EXTERNAL ID
- PC_PWG_PHOTO_001
- ÀITE
- Druim na Drochaid
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
- LINN
- 1870s
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- PFW Grant
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29655
- KEYWORDS
- cairtean-puist
turasachd

San dealbh seo o na 1870an no mar sin, chithear a' phrìomh shràid ann an Druim na Drochaid. Tha am baile aig ceann Bàgh Urchardain air cladach an iar Loch Nis. Bho mheadhan an naodheimh linn deug 's air adhart, bhiodh stiomairean a' tadhal aig Laimrig an Teampaill faisg air làimh gus luchd-turais don sgìre a leigeil air tìr. An-diugh tha Druim na Drochaid fhathast na ionad a tha mòr aig luchd-turais, gu h-àraidh aig an fheadhainn le ùidh ann an Uilebheist Loch Nis. Airson luchd-coiseachd, tha 'Slighe a' Ghlinne Mhòir', rathad-coise 73mìle a dh'fhaid on Ghearasdan gu Inbhir Nis, a' dol tro Dhruim na Drochaid