- TIOTAL
- Taigh-òsta Innis nan Damh, a' coimhead gus A' Chuinneag agus Loch Asainte
- EXTERNAL ID
- PC_PWG_POSTCARDS_028
- ÀITE
- Innis nan Damh
- SGÌRE
- Asaint
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Asaint
- DEIT
- 1964
- LINN
- 1960an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- PFW Grant
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29688
- KEYWORDS
- cairtean-puist
lochan
taighean-òsta
taighean-seinnse
coiseachd nam beann
beanntan

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Loch Asainte agus a' Chuinneag le Taigh-òsta Innis nan Damh ris an aghaidh air an làimh dheis.
Tha Innis nan Damh aig ceann Loch Asainte ann an Cataibh an iar thuath. Chaidh taigh-seinnse dhròbhairean a thogail an seo ann am meadhan an ochdamh linn deug. Aig deireadh an ochdamh linn deug thogadh taigh-seinnse nas motha na àite, An -diugh tha Taigh-òsta Innis nan Damh ainmeil do luchd-iasgaich is luchd-coiseachd.
'S e aon de na monaidhean mòra ann an sgìre Asainte a tha anns a' Chuinneag. Tha trì dromannan oirre a tha a' tighinn ri chèile ann an cumadh Y, le binnean na Sàil Ghairbh (808m), na Sàil Guirm (776m) agus Spidean Còinnich (764m). Le sreath caol de chlach-èite Chambrianaich air mullach nam binnean an ear, 's e clach-ghainmhich Thoirbheartan air Gneiss Leòdhasach a th' anns an t-sreath bheanntan fhèin. Mar-thà, tha an t-àite sgoinneil gus geòlas na Gàidhealtachd an iar fhaicinn. Cuideachd le sealladh-tìre cho iongantach, tha an sgìre a' còrdadh ri luchd-coiseachd nam beann