- TIOTAL
- Togail Drochaid an Dòrnaidh
- EXTERNAL ID
- PC_RAMSAY_065
- ÀITE
- An Dòrnaidh
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an
- CRUTHADAIR
- William J Ramsay
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- William J Ramsay
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29754
- KEYWORDS
- làrach togail
pronnadair chlach
Drochaid an Dòrnaidh

Chaidh Drochaid an Dòrnaidh, a tha suidhichte far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Aillse agus Loch Long a' coinneachadh, fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt 30mh Giblean 1940 an àite aiseag a bha a' frithealadh An Dòrnaidh, Àrd Eilbh agus An Tobhtaig.
Nuair a chaidh a' phròiseact a mholadh aig deireadh nan 1920an, bha sgaradh sa choimhearsnachd eadar iadsan a bha deimhinneach mun togail gus an t-slighe a Chaol Loch Aillse agus Eilean a' Cheò a dhèanamh nas ruigsinniche, agus iadsan a bha a' faireachdainn gum milleadh an drochaid na seallaidhean mun cuairt air Caisteal Eilean Donnain agus leis am b' fheàrr rathad ùr, a bhiodh a' leantainn Loch Long agus a' ceangal suas leis an rathad a dh'Inbhir Nis.
Bha grunn dhuilgheadasan ri faighinn os cionn fhathast, a' gabhail a-steach cur an aghaidh dealbhadh na drochaid agus am feum a bha air spang fosglaidh, gus dèanamh cinnteach gum fanadh Loch Long fosgailte mar shlighe-uisge obrachail. Le toiseach an Dàrna Cogadh Mòr dh'fhàs na h-àireamhan de luchd-obrach gann, a' cur tuilleadh maill sa phròiseact.
Chaidh neach-obrachaidh drochaid, Mghr Iain C Mac Mhathain à Uachdar Tìre, fhastadh sa Mhàrt 1940 le pàigheadh seachdainneach de £3.10t. Bha aige ri fuireach san Dòrnaidh agus a bhith a' frithealadh gach latha bho 7m gu 11f, agus cuideigin freagarrach a chur na àite mura biodh e fhèin ann.
Bha 750 troigh de dh'fhad san structair fhèin, le slighe rathaid de 16½ troigh, agus slighe coiseachd de 5 troighean. Bha e air a chumail suas le 15 spangan concrait neartaichte, le slighe uisge saor de 40 troigh.
Thàinig cìsean gu bith air 1 Cèitean 1940, ach chaidh an leigeil seachad ann an 1946. Chaidh drochaid dà-fhillte mòran nas motha a chur an àite na drochaid seo ann an 1991.
Tha an dealbh seo a' sealltainn togalach susbainteach air an làraich togail, 's dòcha pronnadair chlach