- TIOTAL
- Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Dealbh-chluich Ògmhios 1931: Riders to the Sea
- EXTERNAL ID
- PC_ROYALACADEMY2_026
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1931
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Robert Preece
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29913
- KEYWORDS
- sgoiltean
cuirmean-ciùil
dràma
dibhearsain
dealbhan-cluich
Chaidh cuirmean-ciùil agus dealbhan-cluich a chumail gu tric mar tachartasan taobh-a-muigh na sgoile aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis anns na 1930s. As t-samhradh 1931, gus airgead a thogail airson maoin na spòrs, chaidh earrannan den dealbh-chluich Riders to the Sea (le J. M. Synge) agus Hiwatha (a bha stèidhichte air an leabhar le Coleridge-Taylor air an robh an t-aon ainm) a dhèanamh, cho math ri dealbhan-chluich beaga agus ceòl bho sgoilearan na b' òige. Ann an 1932, chaidh pàirt den dealbh-chluich The Land of Heart's Desire (W.B. Yeats) a thoirt seachad mar phàirt de chuirm-ciùil. San t-Samhain 1937, chaidh an "Biennial Dramatic Entertainment" a thoirt seachad ann an taigh-cluich na h-Iompaireachd, a bha stèidhichte ann an Sràid na h-Acadamaidh aig an àm, le prògram de dhealbhan-cluich agus ceòl coisir. Chaidh tè de na dealbhan-chluich a sgrìobhadh le òigridh a bha dìreach air an sgoil fhàgail. Seo liosta de na daoine a ghabh pàirt ann an Riders of the Sea bhon Ògmhios 1931. B' iad seo na cluicheadairean anns an tachartas:
Maurya, Ann Hunter;
Cathleen, Sybil Hay;
Norah, Betty Tolmie;
Bartley, Seumas MacCoinnich;
Muinntir an Iasgaich: Ceitidh NicIasaig, Cairistìona NicLeòid agus Ceitidh NicLèoid