- TIOTAL
- Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis: Dealbh-chluich ma Sgoile, sgoilearan a b'òige, Ògmhios
- EXTERNAL ID
- PC_ROYALACADEMY2_030
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 1931
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Robert Preece
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29917
- KEYWORDS
- sgoiltean
cuirmean-ciùil
dràma
dibhearsain
dealbhan-cluich
Chaidh cuirmean-ciùil agus dealbhan-cluich a chumail gu tric mar thachartasan taobh a-muigh na sgoile aig Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis anns na 1930an. As t-samhradh 1931 gus airgead a thogail do mhaoin na spòrs, chaidh earrannan den dealbh-chluich Riders to the Sea (le J. M. Synge) agus Hiwatha (a bha stèidhichte air an leabhar le Coleridge-Taylor air an robh an aon ainm) a dhèanamh, cho math ri dealbhan-chuich beaga agus ceòl bho sgoilearan na b' òige. Ann an 1932, chaidh pàirt den dealbh-chluich The Land of Heart's Desire (W.B. Yeats) a thoirt seachad mar phàirt de chuirm-ciùil. San t-Samhain 1937, chaidh an "Biennial Dramatic Entertainment" a thoirt seachad ann an taigh-cluich na h-Iompaireachd, a bha stèidhichte ann an Sràid na h-Acadamaidh aig an àm, le prògram de dhealbhan-cluich agus ceòl coisir. Chaidh tè de na dealbhan-cluich a sgrìobhadh le òigridh a bha dìreach air an sgoil fhàgail.
Anns a' chonsairt a chaidh a chumail san Ògmhios 1931, thug na sgoilearan a b' òige trì dealbhan-cluich seachad: Na Trì Mathanan, Red Riding Hood, and Simple Simon. Chaidh dannsa nan Sunbeams a dhèanamh le Juniors Clas 1 (is e clas 3 sa bhun-sgoil a bhiodh ann an-diugh). Chan eil fios againn dè an dealbh-chluich a tha anns an dealbh seo