- TIOTAL
- Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, Sultain, 1921
- EXTERNAL ID
- PC_ROYALACADEMY2_034
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- Sultain 1921
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Robert Preece
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29921
- KEYWORDS
- sgoiltean
foghlam
sgoilearan
luchd-teagaisg
tidsearan
dealbhan panoramach

Chithear a h-uile duine bhon sgoil anns an dealbh seo a chaidh a thogail taobh a-muigh doras aghaidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis san t-Sultain 1921. Bha dealbhan den t-seòrsa seo gu math ùr aig an àm - ghabhadh an togail mar thoradh air teicneòlas camara is lionsa camara ùr. Chaidh dealbhan mar seo a thogail le iomadh sgoil aig an àm. Tha eisimpleirean ann de dhealbhan far a bheil an aon duine a' nochdadh dà thuras a chionn 's gun do ghluais iad bho aon taobh den dealbh don taobh eile fhad 's a bhathar a' gluasad a' chamara. Tha coltas caran cruinn air an togalach mar thoradh air an t-seòrsa lionsa camara agus cha b' ann mar seo a bha an togalach an dha-rìribh.
Tha an luchd-obrach nan suidhe ann am meadhan an dara sreath agus tha Uilleam Crampton Mac a' Ghobhainn (Ceannard-sgoile 1920-1944) dìreach deas air a' mheadhan. Is dòcha gur e Anndra MacBhàtair, dorsair na sgoile bho 1894-1935, a th' anns an duine a tha na sheasamh aig cùl na deilbh ri taobh a' chuilbh air taobh clì an dorais mhòir.
Bha clann eadar 5 gu aois an oilthigh (mu 18) gan teagasg san sgoil aig an àm seo. Dh'fheumadh pàrantan pàigheadh airson foghlam san sgoil suas gu bliadhnaichean mu dheireadh na h-àrd-sgoil. Bhathar air cur às do na cìsean airson bliadhnaichean mu dheireadh na h-àrd-sgoil mar thoradh air poileasaidh an Riaghaltais gum biodh foghlam aig an ìre seo an-asgaidh bho thoiseach seisean 1921/1922 a-mach.
Cha robh sgoil sam bith eile ann an Inbhir Nis a' toirt seachad foghlam acadaimigeach aig an ìre seo aig an àm ach bha Àrd-sgoil Inbhir Nis a' toirt seachad chùrsaichean dreuchdail san togalach aice faisg air làimh