- TIOTAL
- Togalach Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis aig Muilnean a' Mheadhain ann an Sgìre a' Chrùin an Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- PC_ROYALACADEMY_027
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29946
- KEYWORDS
- sgoiltean
togalaichean
foghlam
colaistean

Stèidhicheadh an sgoil ann an 1792, a' gabhail àite sgoil-ghràmair a' bhaile, aig an robh ceangal ris an sgoil-sheinn aig Manachainn Inbhir Nis. Bha an togalach ann an Sràid an Acadamaidh, air an robh An t-Sràid Ùr roimhe sin. Fhuair an sgoil cairt rìoghail on treas Rìgh Deòrsa an 1793, agus 's e sin na dh'adhbhraich am facal 'Rìoghail' na h-ainm. Tha a' chairt ri fhaicinn anns an Acadamaidh.
Anns na 1890an ghabh na Stiùirichean feart de dh'iomraidhean-sgrùdaidh agus thuig iad nach robh an togalach a bha ann freagarrach don fhoghlam a bha a dhìth anns an latha sin. Thòisich iad air togalach ùr a dhealbhachadh. Thaghadh an làrach ann an Sgìre a' Chrùin o roghainn de dhiofar àiteachan. Ged nach robh mòran a thogail an sin gu ruige sin, bha rathadh furasta don làraich o chionn gun robh i aig uachdar Bràigh Stiophain agus Sràid Stiophain.
B' iad a' chompanaidh-ailtireachd às an sgìre Ross and Macbeth a ghabh seo os làimh. (Tha Alasdair Ross on ghnìomhachas sin ainmeil o chionn is gun do dhealbhaich e Cathair-Eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis.) Laigheadh a' chlach-bhunait air 27mh Ògmhios 1893 leis an Àrd-Mhaighstir de Chlachairean na h-Alba, Iarla Haddington. Bha fèill ann nuair a dh'fhosgladh an togalach ùr air 25mh Gearran 1895.
Bha an togalach aig Muilnean a' Mheadhain an gnìomh gus anmoch anns an 1970an, nuair a thogadh sgoil ùr aig Cùil Daoghail. Tha an togalach an lùib Colaiste Inbhir Nis a-nis.
'S e seo coipidh de dhealbh o leabhar a tha ann an Stòras Leabhraichean Comhairle na Gaidhealtachd. Chaidh a thoirt do Neach-Sgrùdaidh de Sgoiltean fo Ùghdarras an Rìgh, John L. Robertson, nuair a leig e dheth a dhreuchd an 1905, agus na lùib bha earrannan o iomadh sgoil ann an Siorramachd Inbhir Nis, mar a bha. Tha an dealbh seo mar phàirt de chomharra-urraim to Mghr Robertson air sgàth a chuid obrach. Anns an dealbh seo, bha na geatachan an toiseach aig dà oiseann na làraich mu choinneamh an rathaid. Cha deachaidh Geataichean Cuimhneachaidh do Chogadh Hitler a thogail gus an t-Samhain 1954, nuair a rinneadh aon rathad a-steach mu choinneamh nan dorsan mòra