- TIOTAL
- Am Fìor Urramach Ailean Becher Webb
- EXTERNAL ID
- PC_STAND_CATH_036
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30032
- KEYWORDS
- eaglaisean
clèirich
ministearan
easbaigean

Rugadh Ailean Webb ann an Calcutta ann an 1839, agus fhuair e fhoghlam oilthigheil agus diadhachd aig colaistean ann an Oxford. Rinneadh e na Iar-Phrionnsapal aig colaiste na diadhachd an sin fad trì bliadhna, agus an uair sin na Reachdair ann an eaglais ann an Siorrachd Warwick.
B' ann an Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis air Latha an Naoimh Anndra, 1870, a chaidh a choisrigeadh na Easbaig aig Bloemfontein (Afraga a Deas), agus rinn e seirbheis ann an Sgìre-easbaig Bhloemfontein gu ruig 1883, agus an uair mar Easbaig Bhaile nan Greumach (Afraga a Deas) gu 1897 nuair a leig a dheth a dhreuchd air sgàth droch shlàinte. Chaidh a shuidheachadh an uair sin na Phròbhaist aig Cathair-eaglais an Naoimh Anndra an Inbhir Nis, agus na fhrith-easbaig aig Easbaigeachd Mhoireibh, Rois is Ghallaibh fon Easbaig Kelly.
Thill e greiseag a Bhloemfontein agus an uair sin, mu dheireadh, gu Sgìre-easbaig Salisbury na Dheadhan ann an 1900, mus do chaochail e ann an 1907. Bha e na ùghdar air iomadh foillseachadh air cuspairean creideimh.