- TIOTAL
- Mazures de l'Eglise Cathedrale d'Elgin (Ruins of Elgin Cathedral)
- EXTERNAL ID
- PC_STAND_CATH_51
- ÀITE
- Eilginn
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH
- LINN
- 1690an
- CRUTHADAIR
- unknown
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30047
- KEYWORDS
- bailtean
seallaidhean bhailtean
eaglaisean
tobhtaichean

'S ann on taobh tuath a tha an sealladh seo air Cathair-eaglais Eilginn, a' sealltainn coltas an togalaich mar a bha e am meadhan no fada san t-17mh linn, an dèidh don mhullach tuiteam a-steach ach mus do thuit a' phrìomh thùr. 'S e Taigh a' Chaibideil, an togalach ochd-thaobhach air an làimh chlì, an t-aon phàirt den togalach a tha fhathast ga chleachdadh an-diugh, an dèidh ath-mhullachadh mu 1980.
Chan eil fhios co às a thàinig an dealbh seo, ach tha e coltach gur ann air sealladh air a tharraing le John Slezer airson Theatrum Scotiae, foillsichte o 1693, a tha e stèidhichte.
Chaidh Cathair-eaglais Eilginn a chur air bhonn ann an 1224 mar chathair-eaglais Sgìre-easbaig Mhoireibh. Roimhe seo b' ann aig Spynie, no Spinnean, an ear-thuath air Eilginn a bha a' Chathair-eaglais. Chaidh an togalach a bhriseadh gu dona ann an ionnsaigh le Madadh-allaidh Bhàideanaich ann an 1390.
An dèidh an Ath-leasachaidh bhiodh muinntir na sgìre a' cleachdadh Eaglais na Paraiste an Naoimh Giles, agus chaidh a' chathair-eaglais fhàgail bàn. Thug Achd Pàrlamaid 1567 ùghdarras gum biodh luaidhe a mullaich a thogail air falbh on chathair-eaglais ach am pàigheadh e cosgaisean cumail suas an airm. Ach chaidh an soitheach a bha a' giùlan an luaidh a-null don Òlaind fodha ann an cala Obar Dheathain.
San Dùbhlachd 1637 thuit pàirt den mhullach a-steach, agus air Sàbaid na Càisge 1711 thuit an tùr sa mheadhan agus leag e corp na h-eaglais. Às dèidh siud bhiodh muinntir an àite a' falbh leis na clachan. Cha do thòisich obair gus an structar a neartachadh gu 1809. Bho 1824, thòisich Iain Shanks, greusaiche sa bhaile, a' glanadh air falbh an sprùillich. Ach cha b' ann gu na 1930an a thòisich obair mhòr airson na tobhtaichean a chumail suas. Tha an togalach an-diugh fo chùram Alba Eachdraidheil.
Ann an 1851, ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba, chaidh Sgìre-easbaig Mhoireibh a chur còmhla ri Sgìre-easbaig Rois. Chaidh Gallaibh a chur ris ann an 1864. B' e a' chiad easbaig a bh' aig na sgìrean aonaichte an t-Easbaig Raibeart Èdein, agus chuir esan roimhe gur e Inbhir Nis am baile a bha na mheadhan air an sgìre 's cha b' e Eilginn. Mar siud chaidh Cathair-eaglais an Naoimh Anndra ann an Inbhir Nis a thogail eadar 1866 is 1869, agus tha an togalach sin a' frithealadh mar Chathair-eaglais don sgìre a tha an-diugh na Sgìre-easbaig do Mhoireibh, Ros is Gallaibh.