- TIOTAL
- Taigh-solais Chrombaidh
- EXTERNAL ID
- PC_TAYLOR_BLACKISLE_JAN155
- ÀITE
- Cromba
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Crombaidh
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Andrew Taylor
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30064
- KEYWORDS
- taighean-solais

Chaidh Taigh-solais Chrombaidh a dhealbhadh le uncail Raibeart Louis Stevenson, Ailean Stevenson. Thòisich e ag obair ann an 1846 agus tha e gu math coltach ri Taigh-solais na Cananaich a chaidh a dhealbhadh le Ailean Stevenson cuideachd. Tha an tùr geal 13m a dh'àirde agus tha mullach air chumadh cuaich os cionn an lanntair air a bheil uinneagan ceàrnagach. Tha comharraidhean togalaichean Eiphiteach air taighean aon-ùrlair an luchd-gleidhidh.
Chaidh stad a chur air an taigh-solais le Bòrd nan Taighean-solais a Tuath ann an 2005 agus chaidh a chur air a' mhargaid fhosgailte ann an 2007