- TIOTAL
- Caisteal Eilean Donnain, Loch Dubhthaich
- EXTERNAL ID
- PC_TAYLOR_JUNE_JULY07_027
- ÀITE
- An Dòrnaidh
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- DEIT
- 15 Iuchar 2007
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Am Baile
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30099
- KEYWORDS
- caisteal
triathan nan eilean

Thathar den bheachd gun deach Eilean Donnain ainmeachadh às dèidh an Easbaig Donnain, naomh Èireannach a thàinig a dh'Alba ann an 580 às dèidh Chrìosda. Chaidh a' chiad structair daingnichte a thogail air an eilean san trìtheamh linn deug, aig an àm a bha an sgìre fhathast fo chumhachd Triathan nan Eilean. Chaidh an caisteal seo a thogail ann an suidheachadh aig an robh cudromachd ro-innleachdail gus na Lochlannaich a chumail air falbh, oir bha iad le an ionnsaighean agus an ruatharan fhathast a' bagairt gu làidir orra ann an ceann a tuath na h-Alba. Thairis air na bliadhnaichean leudaich agus lùghdaich an caisteal ann am meud. Bha e na ghearasdan aig luchd-taic nan Seumasach aig àm an ar-a-mach aca san ochdamh linn deug mar fhàbhar dha Cinneadh nan Stiùbhartach, agus dh'adhbhraich a' ghnìomh seo gun deach an caisteal a sgrios. Bha Caisteal Eilean Donnain an sin na thobhta sgriosta airson faisg air 200 bliadhna gus an do cheannaich an Leifteanant Còirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911, agus choisrig e an ath 20 bliadhna de a bheatha gu dèanamh suas a' chaisteil às ùr. Chaidh crìoch a chur air ann an 1932.