- TIOTAL
- Uaimh aig Tràigh Ùdraigil, faisg air An Leathad, Ros an Iar
- EXTERNAL ID
- PC_WDOWNIE_014
- ÀITE
- An Leathad
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- DEIT
- 1982
- LINN
- 1980an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- W Downie
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30191
- KEYWORDS
- Briseadh na h-Eaglaise

Is e tuineachadh beag aig ceann a deas Bhàigh Ghruinneard, caolas mara ann an Ros an Iar, a th' anns An Leathad. Tha e suidhichte aig comar an rathaid a tha a' dìreadh suas Cnoc cas a' Chàbaig agus an rathad aon-fhillte a tha a' dol gu bailtean croitearachd iomallach Mheallain Ùdraigil agus na h-Òbaidhnean, far a bheil an rathad a' crìochnachadh.
Tha dà uaimh air cladach Tràigh Ùdraigil faisg air An Leathad, cuideachd leis an ainm Uaimhean Pholl a' Charra, a tha air a bhith air an cleachdadh mar àiteachan tèarmainn agus adhradh cràbhach. Anns an uaimh as motha, bha Eaglais Shaor na h-Alba a' cumail sheirbhisean bho 1843 gu deireadh an 19mh linn. Ghabh am baisteadh mu dheireadh àite an sin ann an 1877 leis an Urramach Iain R. MacAoidh. Bha an uaimh as lugha ga cleachdadh mar àite fasgaidh dhan bhantraich Iseabail NicChoinnich de Ghunna Druim a' Choirce, a dh'fhuirich an sin airson grunn bhliadhnaichean còmhla ri a nighean no a h-ogha. Ann an 1862 chaidh òrdugh cùirte a chur a-mach gus Iseabail fhuadach às an uaimh, ach ann an cunntas sluaigh 1871 tha e fhathast a' sealltainn gu robh i beò mar bhochdag a' fuireach ann an Sannda. Aig àm cunntas sluaigh 1881 bha i air gluasad gun Acha Gharbh