- TIOTAL
- Sgoilearan aig Taobh-sgoil Innis nan Damh
- EXTERNAL ID
- PC_WMORRISON_095
- ÀITE
- Innis nan Damh
- SGÌRE
- Asaint
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Asaint
- DEIT
- 1934
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Willie Morrison
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30578
- KEYWORDS
- dealbhan
sgoiltean
tidsearan
Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig Taobh-sgoil Innis nan Damh mu 1934. 'S ann o Bhrùra a bha an tidsear (clì), Jessie Ann Ross. Bhiodh i a' teagasg dannsa Gàidhealach dhan chlainn a bharrachd air na cuspairean àbhaisteach. Thill i a Bhrùra mu dheireadh, far na phòs i fear Dunn.
B' e a' chlann (beulaibh, clì gu deas) Hamish Stiùbhart, Barbal Corbett, Georgie Corbett, Bunty Stiùbhairt agus Bobbie Easton. Thàinig Bobbie gu bhith na cheannard-sgoile ann an Lagan, ach gu mì-fhortanach bhàsaich e gu math aithghearr aig aois meadhanach òg sna 1970an. Tha cuideigin den bheachd gur e 'Ros' sloinneadh aig dithis de na balaich san t-sreath chùl.
Ro Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872, a bha ag iarraidh air ùghdarrasan ionadail foghlam a thoirt seachad a bha air air a phàigheadh tro chìsean ionadail, bha an eaglais a' riaghladh a' mhòr-chuid de sgoiltean. Sa Ghàidhealtachd, bha cuid de parraistean glè mhòr agus bhiodh sgoil a bharrachd air an robh 'taobh-sgoil' annta. Cha robh an luchd-teagaisg ann an taobh-sgoiltean a' faighinn uiread de phàigheadh agus cha robh ach leughadh, sgrìobhadh agus suimean sa chlàr-oideachaidh. 'S dòcha gun tabhainneadh sgoiltean eile, le luchd-teagaisg le pàigheadh nas fheàrr, cuspairean a bharrachadh mar eachdraidh agus cruinn-eòlas.