- TIOTAL
- Seannduaig
- EXTERNAL ID
- QZP40_0950237000_P007
- ÀITE
- Seannduaig
- SGÌRE
- Manachainn Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: An Neag
- DEIT
- 1989
- LINN
- 19l
- CRUTHADAIR
- Johan Sutherland
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30739
- KEYWORDS
- bailtean
clachain
planaichean
mapaichean
cladach
leacan Cruithneach
iasgach
zoomable
'S e Seannduaig fear de na bailtean air cladach a' Mhachaire ( Ros an Ear). 'S e Bail' an Todhair agus Bail' a' Chnuic na dhà eile. Thòisich Seannduaig mar bhaile beag iasgaich ach dh'fhàs e nuair a thàinig leasachadh air gnìomhachas iasgach an sgadain, agus cuideachd aig àm nam fuadaichean a thug air daoine gluasad don oirthir. Bha barrachd air 60 iasgair ann an Seannduaig aig toiseach nan 1880an. 'S ann o na facail Lochlannach 'sand vik' a' ciallachadh 'bàgh (ùig) gainmhiche' a tha ainm. 'S e an rud as ainmeile aig Seannduaig an leac mhòr Chruithneach a tha air cnoc air cùl a' bhaile. 'S e leac croise Chruithneach Clas ll a tha gu math drùidhteach a th' ann an Clach Sheannduaig, no Clach a' Charraidh.
'S e Pàirc Bhail' an Todhair, faisg air mullach a' phlana, sreath shingilte de thaighean a tha eadar Seannduaig is Bail' an Todhair.
'S ann o 'Down to the Sea' le Seasaidh NicDhòmhnaill agus Anna Ghòrdain, le dealbhan le Seonag Shutharlanach, a thàinig na dealbhan seo. Chaidh an leabhar a chlò-bhualadh ann an 1989 ann an Inbhir Pheofharain le Comann Dualchais Chrombaidh