- TIOTAL
- MacAlasdair
- EXTERNAL ID
- QZP40_82_VOLII_P007
- DEIT
- 1845
- LINN
- 1840an
- CRUTHADAIR
- Robert R McIan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30825
- KEYWORDS
- aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdaigh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Stiùbhart

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
Tha Clann MhicAlasdair o shliochd Alasdair Mhòir, mac Dhòmhnaill Ilè agus iar-ogha Rìgh Shomhairle. Bha a' mhòr-chuid den chinneadh suidhichte ann an Cnapadal, Ceann Tìre, agus ann an 1491, rinneadh Stiùbhard Cheann Tìre de Theàrlach MacAlasdair. B'e teaghlach MhicAlasdair an Lùibh prìomh teaghlach a' chinnidh agus b'e Iain Dubh an ceann-cinnidh ann an 1493 nuair a thuit Tighearnas nan Eilean. Bha an teaghlach seo cudromach is cliùiteach ann an eachdraidh Cheann Tìre: nochd a ainm ann an 'General Band' Rìgh Sheumais VI ann an 1587, sgrìobhann a bha a' ciallachadh gun robh uachdarain an urra ri dol-a-mach an luchd-leantainn is luchd-gabhail.
Bha Alasdair MacAlasdair air taobh Sheumais VII agus shabaid e air taobh nan Stiùbhartach ann am Blàran Raon Ruairidh agus Blàr a' Bhòinn (Boyne). Chaidh a leantainn le a mhac Teàrlach, a phòs nighean MacLaomainn, fear MhicLaomainn. Phòs Tèarlach, 12mh fear Lùib, Janet Somerville, oighre Kennox ann an Siorrachd Air agus chuir e ainm is lùireach nan Somervilleach ris an fheadhainn aige fhèin.
Is e meur gu math cudromach a bh' ann an Clann MhicAlasdair an Tairbeirt cuideachd. Bha iad nam maor ann an Caisteal an Tairbeirt, daingneach a chaidh a thogail le Raibeart Brùs. Bha daoine leis an sloinneadh MacAlasdair gu math pailt ann an Àrainn agus ann an Eilean Bhòid uair cuideachd