- TIOTAL
- MacDhòmhnaill Gleann Gharadh
- EXTERNAL ID
- QZP40_82_VOLI_P003
- DEIT
- 1845
- LINN
- 1840an
- CRUTHADAIR
- Robert R McIan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30854
- KEYWORDS
- aodach Gàidhealach
cinnidhean
eachdraidh nan cinnidhean
tachartasan chinnidhean
breacan
tartan
Clann Dòmhnaill

Chaidh "The Clans of the Scottish Highlands" le Seumas Logan fhoillseachadh gus an ceudamh ceann bliadhna de dh' Ar-a-mach nan Seumasach a chomharrachadh. Tha na dealbhan le Raibeart R. MacIain.
Tha am meur seo de Chlann Dòmhnaill o shliochd Dhòmhnaill, dara mac Raghnaill, prìomh-athair Clann Raghnaill. B' ann à Mòrar a tuath a bha an cinneadh bho thùs. Chuir Alasdair, 4mh Ceann-cinnidh Gleann Garadh is Gleann Chuaich ri fearann a' chinnidh. Ann an 1519, fhuair Alasdair, an 6mh ceann-cinnidh an dara leth den oighreachd a bha le athair a chèile, Sir Dòmhnall Dòmhnallach, fear Loch Aillse mar dìleib, a' gabhail a-staigh fearann ann an Loch Aillse, Loch Carrann agus Loch Bhraoin. B'e Caisteal an t-Sròim prìomh chathair a' chinnidh gus an deach a ghlacadh is a sgrios le Clann MhicCoinnich Chinn Tàile ann an 1602. Ged a chailleadh talamh do Chlann MhicCoinnich, fhuair na Dòmhnallaich talamh eile ann an Cnòideart. Às dèidh Aiseag na Monarcachd, thug Teàrlach II an tiotal Morair Dòmhnallach is Arois do dh' Aonghas, an 9mh ceann-cinnidh airson a sheirbheisean do na Stiùbhartaich. Cha robh mac aig Aonghas agus mar sin, chaidh a' mhoraireachd à bith nuair a chaochail e. 'S ann aig an àm seo a chaidh gabhail ri 'MacDonell' mar litreachadh ainm a' chinnidh sa Bheurla. Thug an cinneadh barrachd taic do na Stiùbhartaich aig Cath Raon Ruairidh (Coille Chneagaidh) (1689) is Sliabh an t-Siorraim (1715) far an do rinn iad sabaid le cliù fo Alasdair Dubh, an 11mh ceann-cinnidh. Ann an 1745, chaidh an cinneadh a chruinneachadh le Dòmhnall MacDhòmhnaill, fear Loch Garadh, co-ogha a' chinn-cinnidh airson a dhol a shabaid air taobh a' Phrionnsa. Chaidh Caisteal Inbhir Garadh a losgadh le saighdearan Cumberland ann an 1746 a chionn 's gun d'fhuair am Prionnsa Teàrlach Stiùbhart fasgadh ann às dèidh blàr Chùil Lodair.
Stèidhich Alasdair MacRaghnall MacDhòmhnaill, an 15mh Ceann-cinnidh, Dìon-fheachd Ghleann Garadh ann an 1794 agus thathar den bheachd gun robh Fergus MacIvor, an laoch san leabhar 'Waverly' le Sir Walter Scott, stèidhichte air. A chionn 's gu robh dòigh-beatha ana-caithteach aig a' 15mh Ceann-cinnidh, agus a chionn 's gu robh fiachan mòra air, chaidh na h-oighreachdan aige a ruith le urrasairean agus air a' cheann thall, chaidh an reic ri Marcais Hunndaidh.
Rinn an 16mh ceann-cinnidh, Aneas Mac Raghnaill (1828-51) eilthireachd a dh'Astràilia ann an 1840 a' tilleadh nas fhaide air adhart a Chnòideart far an d' fhuair e bàs ann an 1851. Chaidh Cnòideart fhuadach ann an 1853 an dèidh a reic ri Seumas Mac a' Bhàird à Camas Donn agus rinn mòran chroitearan eilthireachd a dh' Aimeireagadh. Bha banntrach an 15mh Ceann-cinnidh gu mòr an sàs sna fuadaichean sin. Thill an 17mh Ceann-cinnidh, Alasdair Mac Raghnaill (1851-62), ach às dèidh sin rinn e eilthireachd a Shèalainn Nuadh far an do bhàsaich e, aig aois 28. Bhàsaich an 18mh Ceann-cinnidh, Teàrlach Mac Raghnaill (1852-68) air a shlighe dhachaigh à Sèalainn Nuadh ag adhbhrachadh gun deach loidhne nam mac aig an 11mh Ceann-cinnidh a-mach à bith. B' e a cho-ogha fad às, Raghnall à Sgòiteas, a lean e.