- TIOTAL
- A' chiad Iarla Bràghad Albainn
- EXTERNAL ID
- QZP40_159_394
- DEIT
- 1874
- LINN
- 1870an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30951
- KEYWORDS
- Caimbeulaich
Iarla Bràghad Albainn
blàir
Na Seumasaich
Murt Ghleann Comhainn
Achd an Aonaidh
uaislean

Chaidh Iain Caimbeul, 1mh Iarla Bràghad Albainn (1635-1717) a dhèanamh na iarla ann an 1681. Bha Iain Caimbeul de shliochd nan Caimbeulach à Gleann Urchaidh agus bha e dìleas dhan Phrionnsa Uilleam. Chaidh fhastadh airson na Seumasaich a mhealladh gus an smachdachadh an 1691.
'S e a bh'air cùl Murt Ghleann Comhainn gus eisimpleir a dhèanamh de gach cinneadh aig an robh taobh ri na Seumasaich. Bha e faiceallach, ge tà, agus cha robh fios aig duine aig an àm gur e a bha air cùl na cùis.
Ged nach do bhòt e airson Achd an Aonaidh ann an 1707, bha e na riochdaire anns a' Phàrlamaid aonaichte eadar 1713-1715. Aig àm aramach nan Seumasach ann an 1715 thug e taic ann am facail dha na Seumasaich, ach cha tug gu ceart oifigeil. Bhàsaich e aig Blàr Sliabh an t- Siorraim anns a' Mhàrt 1717.
Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie