- TIOTAL
- Am Prionnsa Teàrlach is Flòraidh NicDhòmhnaill a' coinneachadh
- EXTERNAL ID
- QZP40_223_P265
- ÀITE
- Beinn a' Bhaoghla
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Uibhist a Deas
- DEIT
- 1893
- LINN
- 1740an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31042
- KEYWORDS
- Teàrlach Eideard Stiùbhart
Prionnsa Teàrlach
Tagraiche Òg
Seumasaich
Flòraidh NicDhòmhnaill
Albannaich ainmeil
teicheadh

Choinnich Flòraidh NicDhòmhnaill is am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart an toiseach air Beinn a' Bhaoghla, nuair a bha esan a' teicheadh an dèidh Blàr Chùil Lodair.
An toiseach, cha robh Flòraidh ag iarraidh gnothach sam bith a ghabhail ris, oir b' e a h-athair, Mac 'ic Ailein, ceannard arm an Riaghaltais ann am Beinn a' Bhaoghla is bha i fo cheangal pòsaidh do dh'oifigear sna saighdearan dearga. Ach ged nach dèanadh luchd Beinn a' Bhaoghla, Mac 'ic Ailein nam measg, foill air a' Phrionnsa, bha eagal orra dè thachradh riutha nan lorgadh air an eilean e. Mar sin dh'aontaich Flòraidh am Prionnsa a thoirt on eilean gun fhiosd. Chuir i aodach a ban-òglaich Èireannaich, Betty Burke, air is dh'iomair iad dhan Eilean Sgitheanach, far an d'thug i dha na Seumasaich Sgiathanach e. Thug iadsan am Prionnsa air ais gu tìr-mòr, is gheibheadh e dhan Roinn Eòrpa às an sin.
Cha do choinnich an dithis a-rithist. Phòs Prionnsa Teàrlach Bana-phrionnsa Liùsaidh à Stolberg ann an 1772. Cha do sheas am pòsadh fiù 's deich bliadhna. Bhàsaich e, leis an deoch is gun sgillinn, anns An Ròimh ann an 1788. Chaidh Flòraidh a chur an grèim airson cuideachadh a' Phrionnsa faighinn air falbh, ach leig iad às i ann an 1747. Phòs i Ailean Dòmhnallach ann an 1750 is rinn iad eilthireachd gu Carolina a Tuath, far an do rinn e sabaid ann an arm an Rìgh anns an Aramach Aimeirigeanach. Thill iad dhan Eilean Sgitheanach a-rithist, is tha Flòraidh air a tiodhlagadh an sin, ann an Cille Mhoire.
Chithear an dealbh seo ann an 'The Highlands and Highlanders of Scotland' le Seumas Cromb