- TIOTAL
- Gleann Comhann
- EXTERNAL ID
- QZP40_350_P284
- ÀITE
- Gleann Comhann
- SGÌRE
- Ceann a Tuath Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
- DEIT
- 1800
- LINN
- 1800an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31123
- KEYWORDS
- Gleann Comhan
Caimbeulaich
Clann Dòmhnaill
lèir-sgrios
cinnidhean
Urras Nàiseanta na h-Alba
cnuic
streap
glinn

Tha Gleann Comhain deich mìle a dh' fhaid eadar Loch Lìobhann agus Mòinteach Raineach. Tha e cudromach a thaobh geòlais is luibh-eòlais agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba 12,800 acaire sna 1930an.
Air taobh tuath a' ghlinn tha Aonach Eagach, am mullach as duilghe a shreap ann an Alba. Air a' cheann a deas, tha Bidean nam Bian agus Buachaille Eite Bheag, a tha a' ruighinn air ais gu Gleann Eite, agus Buachaille Eite Mhòr air a' cheann a deas a tha nas àirde. Tha luchd-streap agus luchd coiseachd nam beann uabhasach measail air an sgìre.
Tha an gleann cuideachd ainmeil airson Murt Ghleann Comhainn. Ann an 1692 chaidh rèisimeid Earra-ghàidheil, fo stiùireadh Caimbeulach Gleann Lìomhainn, a chur leis an riaghaltas a Ghleann Comhann a mharbhadh nan Dòmhnallach. Bha iad airson am marbhadh airson rabhadh a thoirt do na cinnidhean eile nach tug bòidean do dh'Uilleam III. Thug na Dòmhnallaich fasgadh dhaibh ann an cathadh sneachda agus chaidh am marbhadh fhad 's a bha iad nan cadal. Thàrr a' chuid bu mhotha às ach chaidh 38 a mharbhadh.
Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig T. Garnett 'Observations on a tour through the Highlands'