- TIOTAL
- Caisteal na Sròine
- EXTERNAL ID
- QZP40_407_P102
- ÀITE
- Druim na Drochaid
- SGÌRE
- An Àird
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
- DEIT
- 1887
- LINN
- 1760an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31205
- KEYWORDS
- Am Brus

Nochd an dealbh seo de dh'Eaglaish Chaluim Chille - Eilean Ìdhe - sa leabhar 'Tours in Scotland 1747, 1750, 1760' le fear Ridseard Pococke, Easbaig na Mì, a chaidh fhoillseachadh le Comann Eachdraidh na h-Alba, 1887.
Tha Caisteal na Sròine na shuidhe air rubha creagach, le seallaidhean fad is farsaing air feadh Loch Nis. Thogadh san 12mh linn e nuair a bha dùn is balla-dìon Normanach ann. Chaidh a ghabhail os làimh leis na Cuimeanaich à Bàideanach san 13mh linn agus bha feachdan Èideird I a' fuireach ann ann an 1296 1303. Fhuair Raibeart I an caisteal air ais agus aig deireadh na 14mh linne chaidh a shònrachadh mar chaisteal rìoghail. B' e làrach iomadach chòmhrag eadar Rìghean na h-Alba agus Tighearnan nan Eilean. Stad daoine ga chleachdadh san 17mh linn agus chaidh e air searg. Ghabh Eachdraidh Alba e os làimh san 20mh linn. Tha nis mìltean de luchd-turais a' tadhail air a' chaisteal, agus chaidh ionad-tadhail ùr fhosgladh san t-Samhain 2001.