- TIOTAL
- Plana-làir de Chathair-eaglais na Cananaich, an t-Eilean Dubh
- EXTERNAL ID
- QZP40_458_P022
- ÀITE
- A' Chananaich
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ros Mhaircnidh
- DEIT
- 1885
- LINN
- 1880an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31224
- KEYWORDS
- Cathair-eaglais na Cananaich
Aonghas Peutan
<br /> An t-Eilean Dubh
an t-Ath-leasachadh
Oilbhreis Crombail
zoomable
Seo plana-làir de Chathair-eaglais na Cananaich a bheir sealladh air an togalach mar a bha e bho thùs. Thàinig an dealbh seo à leabhar Aonghas J Peutan, 'Illustrated Guide to Fortrose and Vicinity, with an appendix on the Antiquities of the Black Isle', a chaidh fhoillseachadh ann an Inbhir Nis ann an 1885.
Chaidh a' chathair-eaglais a thogail an toiseach ann an 1250 ach chan eil mòran dhen togalach sin air fhàgail.
Tha na pìosan a tha nan seasamh fhathast air an comharrachadh ann an dubh air a' phlana seo. 'S iad sin an trannsa a deas gu ionad na h-altair, an trannsa a deas gu meadhan na h-eaglais, agus an seòmar cruinneachaidh fa leth. 'S e a' phàirt as sine den chathair-eaglais fo-chroit an t-seòmair cruinneachaidh a chaidh a thogail timcheall air 1235. Tha a' chòrr cho aost ri deireadh an 14mh agus toiseach a' 15mh linn.
Aig àm an Ath-leasachaidh bha a' chathair eaglais feumach air obair a dhèanamh oirre agus chaidh pàirt dhith a chàradh. Tha e air a ràdh gun tug Crombail leis a' chuid a bu mhotha den chloich anns na 1650an gus an togadh e an gearasdan ann an Inbhir Nis