- TIOTAL
- Lorgan-coise Chaluim Cille, faisg air Cladh Eaglais na Cille, Cinn Tìre
- EXTERNAL ID
- QZP40_468_P023
- ÀITE
- A' Chill
- SGÌRE
- Cinn Tìre
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: An Ceann mu Dheas
- DEIT
- 1902
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31267
- KEYWORDS
- Calum Cille
A' Chill
Cinntìre
miseanaraidhean
Albannaich Dhail Riata
Naomh Chomgall
Naomh Chanas
Rìgh Brùide
Alba
manachainnean

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho "Argyll's Highlands" le Cuthbert Bede. Tha e a' sealltainn dealbh de rud ris an canar lorgan-coise Chaluim Cille, bho 564 A.D., faisg air Cladh Eaglais na Cille, far na shearmonaich am misionairidh.
Rugadh Calum Cille aig Gartain, Dùn nan Gall, Eirinn, air 7mh Dùbhlachd 521. Aig aois 42, thàinig e fhèin agus 12 chompanach thairis air a' mhuir agus thàinig iad air tìr aig Eilean Ì air 12mh Cèitein 563. An dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad a-measg Albannaich Dhail Riata, thòisich Calum Cille air obair a bheatha: iompachadh nan Cruithnich, neo Piocaich, a' Chinn a Tuath gu Crìosdaidheachd.
Còmhla ris an Naomh Chomgall agus an Naomh Canas, shoirbhich leis air an Rìgh Brùide iompachadh aig an dachaigh rìoghail aige faisg air Inbhir Nis. Lean daoine Bhrùide gu luath ri eisimpleir agus, am measg mòran spàirn na aghaidh bho luchd-leantail an t-sean chreideimh, sgaoil Crìosdaidheachd air feadh Alba air fad. An dèidh beatha a' searmonachadh an t-soisgeil, bhàsaich Calum Cille aig manachainn Eilean Ì air 9mh Ògmhios 597